esperanto
se connecter
skota - a' Ghàidhlig

Pitu

Ioma-chainnteachd anns an Roinn Eòrpa...
Cia mar an toirear gu buil i? 

Scots (Lallans)

Bithidh an 57mh Còmhdhail Òigridh TEJO
air a cumail on 29mh den Iuchar gus an 5mh den Lùnasdal.


Tha TEJO agus JEFO (Eagrachadh Òigridh Esperantach na Frainge) a' toirt cuiridh dhuit a dh' aon de na prìomh-bhailtean den Aonadh Eòrpach, prìomh-àros Pàrlamaid na Roinn Eòrpa: Strasburg, baile iol-chruthach, suidhichte air tè de na h-aibhnichean mòra Eòrpach, an Reinn, aig a' chrìch eadar an Fhraing agus a' Ghearmailt, bha buaidh air bho Alsace (an ceàrn far a bheil am baile suidhichte), on Fhraing, on Ghearmailt agus bho oideas eile Eòrpach. Chan eil teagamh sam bith ann gum bheil e cudthromach ann an seagh politiceach agus gheibh co-roinntich a' Chòmhdhail beachd drùidhteach air seo feadh an tadhail; is dòcha gum faigh iad coimhead air a' Phàrlamaid cuideachd.

Ach chan eil Strasburg na shamhla den Roinn Eòrpa ùr a-mhàin. Tha feartan eile aige. Mar eisimpleir, fhuair pàirt de mheadhan a' bhaile (as urrainnear ruigheachd gu furasda o àros na Còmhdhail) an tiotal "Oighreachd Choitcheann a' Chinne-daonna" o UNESKO. An sin tèid agad air spaidsireachd thaitneach a dhèanamh ann an ceàrn far am bheil na carbadan toirmisgte. Gheibh thu a-mach gum bheil iomadach adhbhar air son an roinn seo - agus gu h-àraidh am baile - a thadhal. Ach eadar an 29mh den Iuchar agus an 5mh den Lùnasdal - dìreach an dèidh na h-UK ann an Sagreb - tha adhbhar eile aig na h-Esperantacich òga sgrìob a thoirt do Strasburg, oir cluinnear an cànan eadar-nàiseantach an sin! 

Mar chuid den IJK cumar fèill air na sràidean agus bithidh luchd-cluiche às a h-uile tìr a' gabhail pàirte. Cuide ris an fhèill seo, bithidh fèill nan cànan a chionn 's gur e prìomh-chuspair na Còmhdhail "Ioma-chainnteachd anns an Roinn Eòrpa..." Chan ann mu Esperanto a-mhàin a bhios an tachartas seo, ach bheirear brath air iomadh cànan eadar-dhealaichte. Gu nàdurrach, bithidh na fèillean seo air son a phobaill gu lèir - hu h-àraidh na daoine aig nach eil Esperanto, agus mar sin bithidh an IJK tè de na còmhdhailean as fhosgailte a bha ann riamh!

Ach gu cinnteach cha bhi easbhaidh air a' chlàr ris a bheil na co-roinntich cleachdte: clàr beairteach latha, feasgair agus oidhche; òraidean inntinneach agus treòrach grunnanan còmhraidh no oibreach a-rèir fiosrachaidh phearsanta nan co-roinnteach aig a bhios cothrom Esperanto a chleachdadh, no is dòcha cànan de bheag-chuid, mar eisimpleir, cànan na Breatainn Bige, no Gaeilge, no Gàidhlig. Cuideachd, cha bhi easbhaidh de fhearas-chuideachd agus de chaithris-oidhche ghleadhrach! Bithidh àireamh sgrìoban air an dùthaich mun cuairt an àite, an dà cuid anns an Fhraing agus sa Ghearmailt. Thas sinn an dòchas gun aontaich thu nach tèid agad air faireachadh gur fada an t-sìde air tachartas mar seo! Bithidh tu socair, sàbhailt ann an hostail na h-òigridh nuadhasaich a chuireas fàilte air na co-roinnich agus air na daoine a tha a' fuireach anns an àite càmpa faisg air a chum 's gum bi an IJK ann an Strasburg!



Cho taiteach nach tèid agad air a dì-chuimhneachadh a chaoidh! Gheibh tu tuilleadh fiosrachaidh mun Chòmhdail agus cia mar is urrainn duit pàirt a ghabhail innte, anns na cànanan a leanas:

Esperanto - Fraingis - Gearmailtis - Beurla


JEFO
 http://esperanto.net
a' Ghàidhlig
Skot-gaela
Bas-Ecossais
Skotish
-
Traduko:
Girvan

  

Avec le soutien de